14127. Leanabh An Àigh

1 Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do’n fhàsach, dh’fhuiling ’n ar n-àite
Son’ iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!

2 Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
’S geàrr gus am falbh iad, ’s fasaidh iad anfhann,
An àilleachd ’s an dealbh a’ searg san ùir.

3 Cha b’ionann ’s an t-Uan thàinig gur fuasgladh
Iriosal, stuama ghluais e’n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh’éirich e suas le buaidh o ùir.

4 Leanabh an àigh, mar dh’aithris na fàidhean;
’S na h-àinglean àrd’, b’e miann an sùl;
’S E ’s airidh air gràdh ’s air urram thoirt dhà
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.

Text Information
First Line: Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Title: Leanabh An Àigh
Author: Mary M. MacDonald, 1789-1872
Meter: 10.9.10.9
Language: Gaelic
Copyright: Public Domain
Tune Information
Name: BUNESSAN
Meter: 10.9.10.9
Key: C Major
Source: Traditional Gaelic Tune
Copyright: Public Domain



Media
Adobe Acrobat image: PDF
Noteworthy Composer score: Noteworthy Composer Score
Noteworthy Composer score: Noteworthy Composer Score
More media are available on the text authority and tune authority pages.

Suggestions or corrections? Contact us